Sruth
Màrtainn Mac an t-Saoir, Ceitidh Chaimbeul, Fearghas Rothach

"Tha Leabharlann Bàrdachd na h-Alba gu bhith a’ comharrachadh cultar na
Gàidhlig fad an Earraich le sreath de thachartasan làn-Ghàidhlig, gus
bàrdachd, ceòl is coimhearsnachdan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann is air
feadh Lodainn a thoirt cruinn.
’S iad bàird co-aimsireil a bhios an
làthair aig an tachartas, leithid Tosgairean Bàrdachd na Leabharlainn
fhèin Màrtainn Mac an t-Saoir agus Ceitidh Chaimbeul a tha an ìmpis
co-chruinneachaidhean ùra fhoillseachadh ann an ùine nach bi ro fhada. Tha
dàimh dhlùth aca ris a’ chathair-bhaile on a bhios Màrtainn, aig a bheil
dualchas Uibhisteach, a’ fuireach ann an sgìre Lodainn agus thug Ceitidh
ceum ann an Gàidhlig a-mach à Oilthigh Dhùn Èideann. Bidh Ceitidh is
Màrtainn a’ nochdadh sa Ghiblean an cuideachd Fhearghais Rothaich, a
bhuineas don Ghearasdan - sàr-sheinneadair a nochd air Alleluia air BBC
Alba, aig àm na Nollaig.
’S e seo a’ chiad ceum ann an iomairt
ùr gus compàirteachadh ro-innleachdail a neartachadh eadar an Leabharlann
is buidhnean na Gàidhlig, fo stiùir Mharcais Mhic an Tuairneir,
co-òrdanaiche leasachadh seirbheis na Gàidhlig a chaidh a chur an dreuchd
as t-Foghar, an-uiridh. Gus na tachartasan a ruith, bidh Marcas ag obair
le Anna Pheadarsan, Oifigear Leasachadh na Gàidhlig aig Comhairle Bhaile
Dhùn Èideann, air an oidhche.
The Scottish Poetry Library
is set to celebrate Gaelic culture through the Spring with a specifically
Gaelic-medium events series bringing poetry, music and Gaelic communities
in Edinburgh and throughout Lothian together.
The contemporary
bards who will feature at the event include the Library’s own Gaelic
Poetry Ambassadors Martin MacIntyre and Ceitidh Campbell, who are
developing new collections to be published in the not-too-distant future.
Both a have strong connections to the capital with MacIntyre, who has Uist
connections, resident in the Lothian region and Campbell having graduated
with a degree in Gaelic from Edinburgh University. MacIntyre and Campbell
are set to perform in April, joined by up-and-coming star, Fort William’s
Fergus Munro, fresh from his Christmas performance on BBC Alba’s Alleluia.
This
is the first step in a series of new initiatives aimed at strengthening
strategic partnerships between the Library and Gaelic organisations, led
by Gaelic Service Development Co-ordinator, Marcas Mac an Tuairneir, who
has been in post since the autumn of last year. Running the events on the
night, Marcas will be joined by Ann Paterson, the Gaelic Development
Officer of The City of Edinburgh Council.